Taisb Lib Deam CNG 2007
Taisbeanadh Libearalach Deamocratach
Comhairle na Gaidhealtachd
Àm gealltanach ri teachd dhan Ghaidhealtachd — àrainn uaine shoirbheachail, do Ghaidheil sean is òg, aig baile is air an dùthaich — stèidhichte air prionnsabail nan Libearalach Deamocratach a bhith cunntachail dhan sgìre aca.
Seo na còig phrìomh gheallaidhean againn:
Gaidhealtachd nas uaine
Eaconamaidh shoirbheachail, sheasmhach sa Ghaidhealtachd
Gaidhealtachd do sheann daoine
Gaidhealtachd do chloinn is teaghlaichean
Comhairle na Gaidhealtachd cunntachail dhan sgìre
Tha Libearalaich Deamocratach na Gaidhealtachd a’ creidsinn gu bheil taghaidhean na bliadhna seo a’ toirt cothroim eachdraidheil air stiùireadh ùr dhan Chomhairle agus barrachd cunntachalachd deamocratach do mhuinntir na Gaidhealtachd. Bidh sgioba làidir de Libearalaich Deamocratach an dlùth cho-obrachadh gus ar prìomhachasan a lìbhrigeadh agus luchd-obrach na Comhairle a stiùireadh.
Cruthaichidh Libearalaich Deamocratach na Gaidhealtachd Gaidhealtachd sheasmhach “nas uaine” - a’ stiùireadh le eisimpleir, a’ dèiligeadh ri prìomh cheist lughdachadh is faighinn cuidhteas sgudail, lughdachadh buil gualain agus compàirteachadh an leasachadh lùth ath-nuadhachail a bhios freagarrach. Leanaidh prìomh dhùbhlan caochladh na sìde agus is e am prìomhachas as motha tha romhainn cur ris an iomairt chruinneil gus buil sin a lughdachadh agus ro-innleachd a dhealbh dhan Ghaidhealtachd fa chomhair an atharrachaidh, a’ strì gus ar cruth-tìre is ar bith-iomadachd a ghleidheadh. Thig tuilleadh droch shìde, atharrachaidhean an ìre na mara is teòthachd, agus an tràth fàis - gach aon dhiubh sin ag atharrachadh ar n-àrainneachd agus mar a tha sinn a’ tighinn beò ann. Bheir ar Comhairle am follais Ro-innleachd Atharrachadh Sìde agus bithear a’ measadh gach plana is poileasaidh aig a’ Chomhairle mu choinneimh sin. Ann an cumhachd bidh sinn:
1. A’ foillseachadh is a’ toirt gu buil ro-innleachd atharrachadh sìde sa
Ghaidhealtachd
2. Ag àrdachadh a’ cheudaid de sgudal dachaigh a bhios ath-chuartaichte
gu 40% ro 2010 agus a’ strì a dh’ionnsaigh ath-chuartachadh oir an
rathaid air feadh na Gaidhealtachd
3. Ag àrdachadh ath-chuartachadh sgudail bho oifisean Comhairle gu
50% air a’ char as lugha ro 2010
4. A’ meudachadh dèiligeadh ionadail ri giollachd sgudail, mar sin a’
seachnadh gluasad sgudail gu àite tiodhlacaidh air falbh bhon
Ghaidhealtachd
5. A’ dèanamh barrachd gus siostaman drèanaidh a chumail air dòigh is
a’ toirt air adhart dhòighean cinnteach air dèiligeadh gu luath ri buil
dhroch stoirmean is thuiltean
6. A’ dèanamh gach sgoil na h-eago-sgoil ro 2010, gus a bhith ag
oideachadh ginealaich a bhios nas comasaiche air buil atharrachadh
sìde a laimhseachadh agus air coimhearsnachdan ’saor o ghualan’ a
stiùireadh
Stiùiridh Libearalaich Deamocratach na Gaidhealtachd an ath Chomhairle na Gaidhealtachd gus barrachd a dhèanamh airson seasmhachd eaconamach dhan Ghaidhealtachd. Tha feum againn air na tha dhìth de thaigheadas, seirbheisean slàinte is fo-structar ach tha feum againn cuideachd air roinn gnìomhachais nas sgairteile agus co-obrachadh èifeachdach eadar a’ Chomhairle agus na roinnean prìobhaideach, saor-thoileach agus sòisealta. Ann an cumhachd bidh sinn:
7. A’ dèanamh barrachd sgaoilidh air seirbheisean na Comhairle gus
cosnadh a thaiceachadh an coimhearsnachdan air feadh na
Gaidhealtachd
8. A’ solar barrachd thaighean saora, gan reic agus air màl (le iomairtean
a’ toirt cothroim air màl gu h-ionadail far a bheil sin freagarrach) le
bhith meudachadh a’ chuid de thaighean saora sa h-uile leasachadh ùr
air feadh na Gaidhealtachd, far a bheil feum ionadail a’ nochdadh; a’
sireadh chumhachdan ùra gus cìs àrdachadh air ‘dachaighean shaor-
làithean’, a’ cleachdadh an teachd-a-steach a bharrachd airson taighean
nas fhasa an ceannach; a’ toirt taice do dh’Urrasan Fearann
Coimhearsnachd agus a’ leasachadh poileasaidh airson thaighean a
sholar do luchd-obrach na Gaidhealtachd
9. Ag àrdachadh Inbhir Nis mar phrìomh chathair-bhaile beothail na
Gaidhealtachd, le structaran airson co-dhùnaidhean èifeachdach a
shocrachadh agus le inbhe aontaichte seirbheis freagarrach air
cathair-bhaile mòr roinneil
10. A’ toirt taice do lìonra còmhdhail phoblaich a fhritheileas feuman
dhaoine air feadh na Gaidhealtachd a thaobh faighinn gu obair is
cur-seachadan aig na h-amannan riatanach
11. A’ togail air Bliadhna Cultar na Gàidhealtachd an 2007 gus
mothachadh àrdachadh air cultair dhualchasach is cho-aimsireil na
Gaidhealtachd — le taic làidir leantainneach do chànain is cultar na
Gàidhlig — mar stèidh do thaic leasaichte fad-ùine do chultar is
turasachd Gaidhealach
Nì Libearalaich Deamocratach na Gaidhealtachd an ath Chomhairle na Gaidhealtachd na comhairle do Ghaidhealtachd nas sine. Feumar ath-chothromachadh air cosgais taobh a-staigh na Comhairle agus dealas nochdte thaobh na h-ìrean riatanach cùraim is taice san dachaigh a sholar san àm ri teachd. Ach chaneil seo a-mhàin mu dheidhinn seirbheisean a sholar do dhaoine nas sine. Feumaidh sinn coimhearsnachd a chruthachadh a nì feum de sgilean dhaoine nas sine agus a cheadaicheas na sgilean seo a lìbhrigeadh dhaibhsan a tha nas òige. Ann an cumhachd bidh sinn:
12. A’ leudachadh a’ bhuidseit airson cùraim san dachaigh gus
coinneachadh ris na feuman ro-mheaste agus a’ cur air adhart togail
thaighean fasgaidh le ‘barrachd cùraim’
13. A’ leasachadh aonachaidh air seirbheisean Comhairle agus Slàinte do
dhaoine tha nas sine
14. A’ co-obrachadh le buidhnean a tha riochdachadh dhaoine nas sine
agus luchd-cùraim gus Còir-sgrìobhte nochdadh airson ìrean seirbheis -
a’ mìneachadh nas urrainn do gach neach as sine shùileachadh le cinnt
bhon Comhairle - agus gus casg a chur air ‘leiteachas aoise’ an uile
roinnean cosnaidh.
Nì Libearalaich Deamocratach na Gaidhealtachd a’ Ghaidhealtachd na àite do dh’òigridh is do theaghlaichean - an dà chuid a’ brosnachadh ar n-òigridh gu fuireach no tilleadh agus a’ fàilteachadh dhaoine às ùr dhan Ghaidhealtachd. Tha sinn dealasach a thaobh a’ Ghaidhealtachd a bhith na àite càirdeil do chloinn agus òigridh a mheas mar fhuasgladh seach ceist. Ann an cumhachd bidh sinn:
15. A’ togail, ag ath-sgeadachadh no a’ leudachadh 11 sgoil agus a’
leasachadh program calpa foghlaim dian-thograch airson 2011-16
16. A’ strì gu dealasach airson leasachaidh shoirbheachail air
Oilthigh na Gaidhealtachd is nan Eilean agus a’ toirt taice le obrachadh
a dh’ionnsaigh inbhe oilthigh dhan institiud
17. A’ cruthachadh coimhearsnachdan nas sàbhailte, do shean is òg, le
bhith leudachadh sgeama luchd-ghleidhidh coimhearsnachd, le bhith
dìobradh astar trafaig agus a’ cruthachadh barrachd Roinnean
Dachaigh an sgìrean còmhnaidh
18. A’ stèidheachadh barrachd chur-seachadan agus spòrs do dh’òigridh
agus a’ cruthachadh chothroman san cleachd iad an dealas, an
tionnsgalachd is an spionnadh
Feumaidh an ath Chomhairle na Gaidhealtachd a bhith làn dhealasach mu dheamocratachd ionadail agus cunntachalachd — bheir sinn air na roinnean ùra ioma-bhall obrachadh gu h-èifeachdach, sgaoilidh sinn smachd nam buidseat gu ìre ionadail far am bi sin comasach, agus bheir sinn air ais deamocratachd ionadail le comhairlichean a chur air adhart gu sgrùdadh na roinn phoblaich gu h-iomlan air a’ Ghaidhealtachd. Ann an cumhachd bidh sinn :
19. A’ dèanamh na Comhairle nas comasaiche le nas lugha chosg air
rianachd agus barrachd air prìomh sheirbheisean - gu h-àraidh cumail
rathaidean air dòigh - agus a’ riarachadh ionmhais air feadh na
Gàidhealtachd a-rèir feuma seach cleachdaidhean cosgais eachdraidheil
20. A’ toirt comais dhan t-sluagh gnothach a dhèanamh ris a’ Chomhairle
‘taobh a-muigh uairean oifis’, a’ leasachadh laimhseachadh ghearan
agus ag àrdachadh ìre co-luadair le bhith dèanamh cinnteach gu faigh
an sluagh barrachd fiosrachaidh
Bidh comhairlichean Libearalach Deamocratach na Gaidhealtachd a’ riochdachadh feuman na Gaidhealtachd agus a’ toirt taice dhan co-obraichean san Rìoghachd Aonaichte agus am pàrlamaidean na h-Alba an iomairtean airson:
- cìs cosnaidh ionadail an àite cìs comhairle neo-chothromaich
- ceanglaichean còmhdhail leasaichte dhan Ghaidhealtachd - a’ gabhail
a-steach leasachaidh air a bheil mòr fheum air an A9 & A82;
leasachadh air rathaidean cumhang; agus leasachadh air puirt,
puirt- adhair agus ceanglaichean rèile
- barrachd tasgaidh am fo-structar, a’ gabhail a-steach giollachd uisge
is uisge caithte
- gleidheadh cunntasan cairt oifis puist agus taic leantainneach do
lìonra èifeachdach de dh’oifisean puist dùthchail
- barrachd thaighean nas fhasa an ceannach
- barrachd smachd ionadail air Oighreachd a’ Chrùin
- cìsean connaidh cothromach air an dùthaich
- smachd air luchdan cunnartach an uisgeachan na Gaidhealtachd
Sgioba pàrlamaid Libearalach Deamocratach na Gaidhealtachd: Tearlach Ceanadach; Iain Thurso; Danny Alexander; Jamie Stone; Iain Fearchar Rothach - Craig Harrow
Tagraichean Libearalach Deamocratach na Gaidhealtachd airson Comhairle na Gaidhealtachd:
Comhairlichean a’ sireadh ath-thaghadh:
Alasdair Domhnallach agus Daibhidh Flear (Gallaibh Dùthchail); Greum Mac a’ Ghobhainn (Inbhir Ùige); Iain Ros (Cataibh Sear agus Eadar-dùn); Iseabail Chaimbeul (Ros an Iar, Srathpheotharain is Lochaillse); Ruiseart Durham (Baile Dhubhthaich is Ros an Ear); Angela NicIlleathain (Inbhirpheotharain is Sìphort); Daibhidh Alston (An t-Eilean Dubh); Drew Millar (Eilean a’ Cheò); Aonghas Dick agus Daibhidh MacEanraig (Taobh Loch Nis); Stiùbhart MacIlleDhuibh (Bàideanach is Srathspè); An Dr Mìcheal Foxley (An Gearasdan is Àird nan Murchan)
Tagraichean eile: Robbie Rowantree (Cataibh Tuath is Iar); Mòr Thurso (Inbhir Theòrsa); Màrtainn Rattray (Linne Chrombaigh); Hamish Wood (An Àird is Loch Nis); Ailig Greumach (Inbhir Nis Iar); Seònaid Chaimbeul (Inbhir Nis Mheadhanach ); Coinneach Macleòid (Inbhir Nis Allt na Muilne ); Glynis Nic na Ceardaich (Cùil-lodair is Àird nan Saor ); Greum Marsden (Inbhir Narann); Tòmas Prag (Inbhir Nis a Deas)